Jobs
My ads
My job alerts
Sign in
Find a job Career Tips Companies
Find

Appointment of chair and members to bòrd na gàidhlig

Inverness
Posted: 15 August
Offer description

Description BÒRD NA GÀIDHLIG APPOINTMENT FOR CHAIR AND 3 x MEMBERS Bòrd na Gàidhlig are looking to appoint a Chair and up to 3 x Board Members. Bòrd na Gàidhlig are a national language body and a statutory Non-Departmental Public Body that has a number of statutory functions set out in the Gaelic Language (Scotland) Act 2005 and the Education (Scotland) Act 2016. Bòrd na Gàidhlig’s overall purpose and strategic aims are: to increase the number of persons who can use and understand the Gaelic language; to encourage the use and understanding of the Gaelic language; and to facilitate access, in Scotland and elsewhere, to the Gaelic language and Gaelic culture. The Deputy First Minister values highly the benefits of having people with a diverse range of backgrounds and experiences on the Board and particularly welcomes applications from people from traditional Gaelic speaking communities. BÒRD NA GÀIDHLIG DREUCHDAN AIRSON CATHRAICHE AGUS 3 x BUILL Tha Bòrd na Gàidhlig airson 1 x Cathraiche agus suas gu 3 x Buill-bhùird a chur an dreuchd. ’S e Bòrd na Gàidhlig buidheann nàiseanta cànain - Buidheann Phoblach Neo-roinneil reachdail aig a bheil grunn dhleastanasan reachdail air am mìneachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Achd an Fhoghlaim (2016). ’S iad prìomh adhbhar agus amasan ro-innleachdail Bhòrd na Gàidhlig: meudachadh a thoirt air àireamh nan daoine a chleachdas agus a thuigeas a’ Ghàidhlig; daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ cleachdadh agus a’ tuigsinn na Gàidhlig; agus a bhith a’ cuideachadh gus cothrom a thoirt do dhaoine, taobh a-staigh agus a-muigh na h-Alba, air a’ Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig. Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear a’ cur luach mòr air na buannachdan a dh’fhaodas a bhith ann ma thèid measgachadh farsaing de shuidheachaidhean sòisealta agus eòlas-beatha a riochdachadh air a’ Bhòrd. Cuiridh i fàilte gu sònraichte air iarrtasan bho dhaoine bho choimhearsnachdan dham buin a’ Ghàidhlig gu traidiseanta. Responsibilities The Role of the Board Chair The Chair will be expected: as its most senior advocate, to represent Bòrd na Gàidhlig and its statutory role in delivering Scottish Ministers’ policy aims for Gaelic at a national, UK and international level. to be directly accountable for the delivery of the outcomes Scottish Ministers require from Bòrd na Gàidhlig and maintain strong working relationships with Ministers given Bòrd na Gàidhlig’s role as the principal adviser to Government on Gaelic. to lead the Board, ensuring strong corporate governance and clear corporate direction for Bòrd na Gàidhlig and its staff. to provide senior guidance and support to the Chief Executive Officer (Ceannard) and Bòrd na Gàidhlig Management Team in delivering the outcomes required of Bòrd na Gàidhlig, within a culture of excellence, continuous improvement and value for public money. to provide senior support and guidance to the Chief Executive Officer (Ceannard) on his/her continuing professional development. to build and maintain strong working relationships with Gaelic organisations, the wider Gaelic community and a wide range of other organisations to achieve strong joint working in delivering National Plan objectives. to act as an Ambassador for the language through the media and with external stakeholders. Dreuchd Cathraiche a’ Bhùird Thathar an dùil ri na leanas: gum bi an Cathraiche, mar phrìomh neach-tagraidh Bhòrd na Gàidhlig, a’ riochdachadh – aig ìre nàiseanta, na Rìoghachd Aonaichte agus eadar-nàiseanta – na buidhne fhèin agus na pàirt reachdail a th’ aice ri chluich ann an coileanadh nan amasan-poileasaidh a th’ aig Ministearan na h-Alba dhan Ghàidhlig; gur ann air a’ Chathraiche a bhios am prìomh dhleastanas airson lìbhrigeadh nan toraidhean a dh’fheumas Ministearan na h-Alba bho Bhòrd na Gàidhlig, agus gun cùm an Cathraiche suas dàimhean-obrach làidir ri Ministearan, leis gur e dleastanas Bhòrd na Gàidhlig a bhith na phrìomh bhuidheann-chomhairle dhan Riaghaltas air a’ Ghàidhlig; gun stiùir an Cathraiche am Bòrd, ’s riaghladh corporra daingeann agus slighe chorporra shoilleir ann do Bhòrd na Gàidhlig fhèin agus dhan luchd-obrach aige; gun toir an Cathraiche seachad stiùireadh agus taic àrd-ìre dhan Cheannard agus do Sgioba-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig a thaobh coileanadh nan toraidhean a dh’fheumar bho Bhòrd na Gàidhlig, ’s cultar-obrach ann a bhios stèidhichte air feabhas, leasachaidhean leantainneach, agus luach an airgid phoblaich; gun toir an Cathraiche seachad stiùireadh agus taic àrd-ìre dhan Cheannard a thaobh an leasachaidh phroifeiseanta leantainnich aige/aice; gum bi an Cathraiche a’ togail agus a’ cumail suas dhàimhean-obrach làidir ri buidhnean Gàidhlig, ris a’ choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd agus ri farsaingeachd mhòr de bhuidhnean eile, airson co-obrachadh èifeachdach a ruigsinn leis an gabh amasan a’ Phlana Nàiseanta a choileanadh; gum bi an Cathraiche na T(h)osgaire dhan chànan anns na meadhanan, agus ann an conaltradh ri luchd-ùidhe bhon taobh a-muigh. The Role of Board Member Board Members will be expected to contribute to: increasing awareness of and promoting the use of the Gaelic language; working with key Gaelic groups and public sector bodies to promote the use of the Gaelic language, and identifying new opportunities for working in partnership with organisations in the public, private and voluntary sectors as appropriate; assisting in defining and developing the Board’s strategic direction, setting challenging objectives and monitoring progress towards them; taking proper account of guidance provided by Scottish Ministers and the Scottish Government; contributing to the work of one or two of the Board’s committees (Policy and Resource Committee and Audit & Risk Management Committee) overseeing and contributing to the National Gaelic Language Plan 2023-28. Dreuchd Ball a’ Bhùird Thathar an dùil gun cuidich Buill a’ Bhùird leis an obair a leanas: a’ brosnachadh dhaoine gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig agus a’ tarraing aire dhaoine chun a’ chànain; ag obair còmhla ri prìomh bhuidhnean Gàidhlig agus buidhnean san roinn phoblaich airson cleachdadh na Gàidhlig a chur air adhart, agus a’ comharrachadh chothroman ùra airson obair a dhèanamh ann an com-pàirteachadh le buidhnean sna roinnean poblach, prìobhaideach agus saor-thoileach mar a bhios sin iomchaidh; a’ cuideachadh le bhith a’ dealbhadh agus a’ leasachadh amasan ro-innleachdail a’ Bhùird, a’ stèidheachadh cheann-uidhe dùbhlanach agus a’ cumail sùil air adhartas leis na cinn-uidhe sin; a’ toirt aire cheart dhan stiùireadh a gheibhear bho Mhinistearan na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba; a’ cur ri obair aonan no dhà de chomataidhean a’ Bhùird (Comataidh Poileasaidh is Ghoireasan, agus Comataidh Sgrùdaidh is Stiùireadh Chunnartan); a’ cumail sùil air agus a’ cur ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28. REMUNERATION AND TIME COMMITMENT Chair remuneration is £14,196.96 per annum, based on a daily rate of £295.77 per day for 4 days per month. This appointment is not pensionable. Board Member remuneration is £7,123.32 per annum, based on a daily rate of £197.87 for 3 days per month, and is subject to annual review. These appointments are not pensionable. The Chair is expected to give a minimum time commitment of 4 days per month (48 days per year). At present, Members are expected to give 3 days per month on average (36 days per year) on Bòrd na Gàidhlig business. Reasonable travel and subsistence, childcare and carer receipted expenses that appear to Bòrd na Gàidhlig to be necessary for the proper discharge of duties as a Member of the Board will be reimbursed. Meeting will mostly be online with occasional travel for in person meetings. The time commitment will vary from week to week, and may be a mix of daytime board meetings, committee meetings, reading documents and attending stakeholder and development events. PÀIGHEADH AGUS AN ÙINE A THA A DHÌTH Gheibh Cathraiche tuarastal de £14,196.96 sa bhliadhna; tha seo stèidhichte air reat làitheil de £295.77 gach latha thar 4 làithean sa mhìos. Chan fhaighear peinnsean mar phàirt dhen dreuchd seo. Gheibh Ball-bùird tuarastal de £7,123.32 sa bhliadhna; tha seo stèidhichte air reat làitheil de £197.87 thar 3 làithean sa mhìos. ’S ann fo ùmhlachd ath-sgrùdaidh bhliadhnail a tha seo. Chan fhaighear peinnsean mar phàirt dhen dreuchd seo. Aig a’ char as ìsle, thathar an dùil gun toir an Cathraiche seachad dleastanas-ùine de 4 làithean gach mìos (48 làithean gach bliadhna). An-dràsta, thathar an dùil sa chumantas gun toir Buill seachad 3 làithean gach mìos (36 làithean gach bliadhna) às leth obair Bhòrd na Gàidhlig. Thèid cosgaisean reusanta a phàigheadh air ais a thaobh siubhail is biadh, cùram-chloinne agus dleastanasan cùraim, ma tha cuidhteasan agaibh agus ma tha Bòrd na Gàidhlig dhen bheachd gun robh agaibh rim pàigheadh gus ur dleastanasan mar Bhall a’ Bhùird a choileanadh. Bidh a’ chuid as motha de choinneamhan air an cumail air-loidhne ach corra uair feumar siubhal gus nochdadh aig coinneamhan gu pearsanta. Bidh an dleastanas ùine ag atharrachadh bho sheachdain gu seachdain. An lùib nan coinneamhan eadar-dhealaichte b’ urrainn gum bi measgachadh ann de choinneamhan-bùird tron latha-obrach, coinneamhan comataidh, a’ leughadh sgrìobhainnean agus a’ nochdadh aig tachartasan luchd-ùidhe agus tachartasan leasachaidh. Qualifications SKILLS AND EXPERIENCE Chair Post In respect of the Chair post, candidates are asked to meet all the essential criteria. Essential Criteria Ability to read, write, speak and understand English and Gaelic fluently and confidently. Experience or understanding of monitoring, compliance, or enforcement of regulatory powers. Ability to support and implement change at a leadership level. Ability to understand the wider strategic context. Experience of evidence-based decision making and understanding of key governance requirements. Ability to engage effectively with a diverse range of stakeholders to build shared aims and strategic partnerships. SGILEAN AGUS EÒLAS Dreuchd a’ Chathraiche A thaobh dreuchd a’ Chathraiche, thathar an dùil gum bi luchd-iarrtais a’ coileanadh nan slatan-tomhais riatanach uile gu lèir. Slatan-tomhais Riatanach An comas Beurla agus Gàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh, a bhruidhinn agus a thuigsinn gu fileanta agus gu misneachail. Eòlas no tuigse air obair-sgrùdaidh, obair-gèillidh, no cur an gnìomh chumhachdan riaghlaidh. An comas taic a chumail ri atharrachaidhean aig ìre stiùiridh, agus na h-atharrachaidhean seo a chur an gnìomh. An comas an co-theacsa ro-innleachdail nas fharsainge a thuigsinn. Eòlas air co-dhùnaidhean a dhèanamh air bunait fianais, agus tuigse air prìomh riatanasan an lùib riaghladh. An comas conaltradh èifeachdach a chumail ri farsaingeachd mhòr de luchd-ùidhe airson amasan cumanta agus com-pàirteachasan ro-innleachdail a chruthachadh. Members Post In respect to the Members post, candidates are asked to meet at least one of the Priority Criteria and meet all Essential Criteria. Priority Criteria Understanding or experience of risk management, financial management and accounting. Experience of the key challenges and opportunities of living in traditional Gaelic speaking communities Ability to empower rural or island communities using community engagement or involvement approaches. Excellent understanding and/or experience of delivering Gaelic language education (from pre-school to adult learning/further education). Experience of working in a corporate communications or media environment, strong verbal and written communication skills. Essential Criteria Ability to read, write, speak and understand Gaelic fluently. Strong interpersonal/ personal communication skills, ability to challenge respectfully and constructively with others. Ability to work as part of a team, building positive relationships and working towards shared goals. Experience in planning and delivering work that is informed by evidence. Dreuchd a’ Bhuill-bhùird A thaobh dreuchd a’ Bhuill-bhùird, thathar a’ sùileachadh gum bi luchd-iarrtais a’ coileanadh co-dhiù aon de na Slatan-tòmhais Prìomhachais agus a h-uile gun de na Slatan-tomhais Riatanach. Slatan-tomhais Prìomhachais Tuigse no eòlas air stiùireadh chunnartan, riaghladh ionmhais agus cunntasachd. Eòlas air na prìomh dhùbhlain agus chothroman an lùib beatha ann an coimhearsnachdan dham buin a’ Ghàidhlig gu traidiseanta. An comas coimhearsnachdan dùthchail no eileanach a neartachadh tro dhòighean-obrach a tha stèidhichte air conaltradh agus com-pàirteachadh coimhearsnachd. Fìor dheagh thuigse agus/no eòlas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a lìbhrigeadh (bho fhoghlam sgoil-àraich gu ionnsachadh mar inbheach/foghlam adhartach). Eòlas air obair a dhèanamh ann an àrainneachd conaltraidh chorporra no nam meadhanan corporra, ’s deagh sgilean-conaltraidh agaibh ann am bruidhinn agus ann an sgrìobhadh. Slatan-tomhais Riatanach An comas Gàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh, a bhruidhinn agus a thuigsinn gu fileanta. Deagh sgilean-conaltraidh eadar-phearsanta/pearsanta, agus an comas air beachdan dhaoine eile a cheasnachadh ann an dòigh mheasail, chuideachail. An comas a bhith ag obair mar phàirt de sgioba, ’s sibh a’ togail dhàimhean làidir agus ag obair gus amasan cumanta a ruigsinn. Eòlas air obair a phlanadh agus a lìbhrigeadh air bun-stèidh Chair and Member - Career History For both the Chair and Member roles, please include a short, tailored career history. We are looking for information about your career/life history that is relevant to the roles and criteria. Cathraiche agus Ball-bùird – Eachdraidh Dhreuchdail Airson gach cuid dreuchd a’ Chathraiche agus dreuchd a’ Bhuill-bhùird, cuiribh thugainn eachdraidh ghoirid den dhreuchd agaibh a tha sgrìobhte gu sònraichte don iarrtas seo. Tha sinn a’ sireadh fiosrachadh mun dhreuchd/eachdraidh beatha agaibh a bhuineas ris na dreuchdan agus slatan-tomhais. APPLICANT INFORMATION PACK To assist in your application, please read the Applicant Information Pack. The Pack includes further information on the role and additional details on the criteria being assessed. PASGAN-FIOSRACHAIDH an LUCHD-IARRTAIS Gus cuideachadh leis an iarrtas agaibh, leughaibh Pasgan-fiosrachaidh an Luchd-iarrtais. Tha tuilleadh fiosrachaidh anns a’ Phasgan mun dhreuchd agus mìneachadh a bharrachd mu na slatan-tomhais a thèid a mheasadh. TO APPLY FOR THESE ROLES, FOLLOW THESE INSTRUCTIONS: Download and save the Applicant Information Pack to refer back to. Read the ‘person specification’ and ‘how to apply’ section in the pack. Navigate back to this job advert and click ‘apply’. Complete the personal information questions. Respond to the application questions against the criteria being assessed, noting the word limits in the application pack. Respond to the tailored career history question. You do not have the option to edit your application once you click ‘submit’. You must have all your information to hand before submitting your application. Late applications cannot be considered by the panel. Full details on how to apply, and the evidence that should be submitted at the application stage, are set out at pages 9 – 14 of the Applicant Information Pack. Completed applications must be submitted by 17:00 on 10 September 2025. If you require a reasonable adjustment at any stage of the appointments process or if require further support with your application, please contact the Scottish Government, Public Appointments Team by email at public.appointments@gov.scot. GUS CUR A-STEACH AIRSON NAN DREUCHDAN SEO, LEANAIBH NA CEUMAN SEO: Luchdaich a-nuas agus sàbhail Pasgan-fiosrachaidh an Luchd-iarrtais gus an urrainnear iomradh a thoirt air tron phròiseas. Leugh na h-earrannan ‘comasan an neach-dreuchd’ agus ‘mar a chuireas sibh a-steach’ anns a’ phasgan. Till don t-sanas-obrach seo agus bruth ‘dèan iarrtas’. Crìochnaich na ceistean a thaobh fiosrachadh pearsanta. Freagar ceistean an iarrtais a rèir nan slatan-tomhais a tha air am measadh, a’ toirt fa-near nan crìochan facail a tha anns a’ phasgan-fiosrachaidh. Freagar a’ cheist a tha ag iarraidh eachdraidh dhreuchd a bhuineas gu sònraichte ris an iarrtas seo. Chan eil roghainn agaibh a bhith ag atharrachadh ur n-iarrtais aon uair is gum put sibh ‘dèan iarrtas’. Feumaidh ur fiosrachadh uile gu lèir a bhith agaibh ri làimh mus cuir sibh a-steach ur n-iarrtas. Chan urrainn don phannal beachdachadh air iarrtasan fadalach. Gheibhear làn-fhiosrachadh mu mar a nì sibh iarrtas, agus cuideachd an fhianais a bu chòir dhuibh cuir a-steach aig ìre an iarrtais, air am mìneachadh air duilleagan 9-14 de Phasgan-fhiosrachaidh an Luchd-iarrtais. Feumaidh iarrtasan a tha deiseil a bhith air an cuir a-steach ro 17:00 air 10 Sultain 2025. Ma tha ciorram agaibh agus sibh feumachdainn air atharrachadh aig ìre sam bith den phròiseas airson daoine a chur dhan dreuchd phoblaich seo, cuiribh fios gu Riaghaltas na h-Alba, Sgioba nan Dreuchdan Poblach tro phost-d gu public.appointments@gov.scot. ABOUT PUBLIC APPOINTMENTS Public appointments are made by Scottish Ministers. The appointments process is regulated by the Ethical Standards Commissioner you can find out more about the Commissioner here: Public appointments | Ethical Standards Commissioner EQUALITY STATEMENT Scottish Ministers value highly the benefits of diverse Public Body Boards. People from all walks of life are encouraged to apply for public appointments. Find out more about our commitment to diversity and how we offer and support recruitment adjustments for anyone who needs them. Public Appointments - Guidance and Support for applicants MU DHÈIDHINN DREUCHDAN POBLACH ’S e Ministearan na h-Alba a bhios a’ cur dhaoine ann an dreuchdan poblach. Tha am pròiseas airson daoine a chur ann an dreuchdan poblach air a riaghladh le Coimiseanair nan Inbhean Beusach agus ’s urrainnear tuilleadh fiosrachaidh mun Choimiseanair fhaighinn an seo: Dreuchdan poblach | Coimiseanair nan Inbhean Beusach AITHRIS CO-IONANNACHD Tha Ministearan na h-Alba a’ cur luach mòr air iomadachd air na Bùird aig Buidhnean Poblach. Tha ìmpidh air daoine bhon h-uile seòrsa àrachaidh is eòlas beatha iarrtas a chur a-steach airson dreuchdan poblach. Ionnsaich tuilleadh mun dhealas againn a thaobh iomadachd agus mar a tha sinn a’ tabhann is a’ cur taic ri atharrachaidhean ann am pròiseas nan dreuchdan poblach do dhuine sam bith a tha feumachdainn orra. Dreuchdan Poblach – Stiùireadh agus Taic do luchd-iarrtais .

Apply
Create E-mail Alert
Job alert activated
Saved
Save
See more jobs
Similar jobs
jobs Inverness
jobs Highland
jobs Scotland
Home > Jobs > Appointment of Chair and Members to Bòrd na Gàidhlig

About Jobijoba

  • Career Advice
  • Company Reviews

Search for jobs

  • Jobs by Job Title
  • Jobs by Industry
  • Jobs by Company
  • Jobs by Location
  • Jobs by Keywords

Contact / Partnership

  • Contact
  • Publish your job offers on Jobijoba

Legal notice - Terms of Service - Privacy Policy - Manage my cookies - Accessibility: Not compliant

© 2025 Jobijoba - All Rights Reserved

Apply
Create E-mail Alert
Job alert activated
Saved
Save