Luchd-cùraim Sònraichte Faothachaidh, Ionad-latha Bharraigh
£15.38 gach uair a thìde, a’ gabhail a-steach £1.48 gach uair de Chuibhreann Eileanan Iomallach
Tha Ionad-latha Bharraigh a’ feumachadh Luchd-cùraim Sònraichte Faothachaidh a dh’obraicheas gu dealasach mar phàirt de sgioba a bhios ag adhartachadh agus a’ cur taic ri Inbhich le feumalachdan Taice, gus an urrainn dhaibh pàirt gnìomhach a ghabhail ann an goireasan ionadail, gus an in-ghabhaltas, neo-eisimeileachd agus builean dealbhaichte a mheudachadh.
Bu chòir eòlas a bhith agad air a bhith ag obair le daoine aig a bheil feumalachdan a bharrachd, agus SVQ Ìre II ann an Cùram, no teisteanas co-ionann. (Mur a h-eil seo agad, feumaidh comas a bhith agad an teisteanas seo a ghabhail os làimh agus a choileanadh 36 mìosan an dèidh clàradh le SSSC).
Tha cleachdadh còmhdach-dìon PPE riatanach san obair seo.
Feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le inbhich san dreuchd seo.
Bidh an neach san dreuchd ag obair a rèir iarrtas nuair a tha luchd-obrach maireannach dheth. Tha tuarastal na dreuchd a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach.
Tha e riatanach gun leugh thu an cunntas-obrach agus an sònrachadh pearsanta ’s gun toir thu iomradh air mar a tha thu a’ coileanadh gach slat-tomhais air a bheilear a’ toirt iomradh anns an t-sònrachadh phearsanta nad aithisg eòlais.
Thèid agallamhan a chumail an làthair gu pearsanta, a’ toirt cothrom dha tagraichean coinneachadh ris an sgioba agus agus beachd fhaighinn air ar àrainneachd obrach.
#J-18808-Ljbffr