Neach-obrach Cùraim Shòisealta, Àrainn Cnoc nan Gobhar
6 Dreuchdan – Obair Mhaireannach
37 uairean a thìde Gach Seachdain - Dreuchd 8344 £31,468 gu £34,401 gach bliadhna (a’ gabhail a-steach £2,859 de Chuibhreann Eileanan iomallach gach bliadhna)
20.5 uairean a thìde Gach Seachdain - Dreuchd 0822 £17,435 gu £19,060 gach bliadhna (a’ gabhail a-steach £1,584 de Chuibhreann Eileanan iomallach gach bliadhna)
23 uairean a thìde Gach Seachdain - Dreuchd 0826 £18,878 gu £20,628 gach bliadhna (a’ gabhail a-steach £1,777 de Chuibhreann Eileanan iomallach gach bliadhna)
30 uairean a thìde Gach Seachdain - Dreuchd 0827 £25,515 gu £27,892 gach bliadhna (a’ gabhail a-steach £2,318 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna)
28.5 uairean a thìde Gach Seachdain - Dreuchd 5566 £24,239 gu £26,498 gach bliadhna (a’ gabhail a-steach £2,202 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna)
18.5 uairean a thìde Gach Seachdain - Dreuchd 5762 £15,734 gu £17,200 gach bliadhna (a’ gabhail a-steach £1,429 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna)
Bidh thu ag obair gu dealasach mar phàirt de sgioba a bhios ag adhartachadh agus a’ cur taic ri inbhich le feumalachdan taice gus an in-ghabhaltas, neo-eisimeileachd agus builean dealbhaichte a mheudachadh. Dh’fhaodadh seo a bhith ann am measgachadh de shuidheachaidhean agus a bhith a’ toirt taic do dhuine tron oidhche ma bhios sin riatanach.
Bu chòir tuigse a bhith agad air còraichean agus dleastanasan dhaoine le feumalachdan taice, agus an comas a bhith ag èisteachd gu h-èifeachdach, a’ conaltradh gu soilleir agus ag obair mar phàirt de sgioba. Bu chòir teisteanas SVQ Ìre III ann an Cùram (no teisteanas co-ionann) a bhith agad. Mur a h-eil seo agad, feumaidh comas a bhith agad an teisteanas seo a ghabhail os làimh agus a choileanadh – 36 mìosan an dèidh clàradh le SSSC.
Tha cleachdadh còmhdach-dìon PPE riatanach san obair seo.
San dreuchd seo, feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le inbhich.
Tha tuarastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach a shoirbhicheas fhastadh air a’ chiad ìre den rang le cuibhreann ga chur ris gach bliadhna.
Tha e deatamach gun leugh thu an cunntas obrach agus an cunntas pearsanta agus thoir iomradh nad chùnntas eòlais air mar a tha thu a’ coilioneadh gach nì a thathas a’ lorg sa chùnntas phearsanta.
Thèid agallaibhean a chumail air beulaibh dhaoine, a’ toirt cothroim do thagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air an àrainneachd obrach.
#J-18808-Ljbffr