Neach-obrach Sòisealta, Measadh agus Stiùireadh Cùraim, Uibhist agus Barraigh (9477)
37 uairean gach seachdain, Dreuchd mhaireannach
£45,243 gu £48,966 gach bliadhna (a’ gabhail a-steach £2,859 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna)
Gabhaidh tu os làimh measadh agus stiùireadh cùraim, agus dleastanasan Obair Shòisealta eile, a’ gabhail a-steach conaltradh le buidhnean slàinte, prìobhaideach agus saor-thoileach. Taobh a-staigh rèiteachaidhean stiùireadh cùraim, nì thu measaidhean agus cuiridh thu pasganan cùraim air dòigh ann an co-chomhairle le luchd-cleachdaiseach na seirbheis agus luchd-cùraim, gus coinneachadh ri feumalachdan sònraichte taobh a-staigh buidseat ainmichte. Bidh tu cuideachd a’ sgrùdadh, ag ath-sgrùdadh agus a’ measadh phlanaichean cùraim fa leth agus a’ freagairt air feumalachdan caochlaideach. Feumaidh Dioplòma ann an Obair Shòisealta a bhith agad no teisteanas co-ionann ann an Obair Shòisealta. Feuch an lean thu an ceangal seo gus na teisteanasan iomchaidh airson na dreuchd seo fhaicinn: Regulated Professions Register | Social Worker (regulated-professions.service.gov.uk)
Feumaidh eòlas as ùire a bhith agad air reachdas agus cleachdadh Cùram Coimhearsnachd. Tha e riatanach gun urrainn dhut conaltradh gu soilleir, gu bheil sgilean eadar-phearsanta math agad agus gu bheil cead-draibhidh RA slàn agad.
San dreuchd seo, feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le inbhich agus clann.
Tha e riatanach gun leugh thu an cunntas obrach agus an sònrachadh pearsanta ‘s gun toir thu iomradh air mar a tha thu a’ coilionadh gach slat-tomhais air a bheilear a’ toirt iomraidh anns an t-sònrachadh-phearsanta nad aithisg eòlais.
Thèid agallaibhean a chumail air beulaibh dhaoine, a’ toirt cothrom do thagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air an àrainneachd obrach.
#J-18808-Ljbffr