Job Description Post Title: Principal Teacher (Primary) Location: Bun-sgoil Ghaidhlig Loch Abar Hours: 35 hours per week Duration: Fixed Term from 23/03/2026 until March 2027 Salary: £57,360 pa Contact Person: Kirsty Clark Email: Kirsty.clark@highland.gov.uk Please APPLY ONLINE. Applications from Gaelic speakers are essential. Tiotal Dreuchd: Prìomh Thidsear (Bun-sgoil) Àite: Bun-Sgoil Loch Abar, An Caol, An Gearasdan Uairean: 35 san t-seachdain Ùine: Còmhdach màthaireil bho 23/03/2026 gu March 2027 Tuarastal: £57,360 pa Neach Fiosrachaidh: Kirsty Clark Post-d: kirsty.clark@highland.gov.uk Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE. Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean. Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte. Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas: Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn. Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad. Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach. Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd. Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail. Requirements GTCS REGISTRATION IS ESSENTIAL