Neach-obrach Òigridh, Ionad-tadhail Pointers, Eilean Leòdhais (4964)
9 uairean gach seachdain, ùine cuingealaichte gu aon bhliadhna, a’ gabhail a-steach £6,852 - £6,917 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach £695 gach bliadhna de Chuibhreann Eileanan Iomallach.
Thathar a’ sireadh neach airson obrachadh le daoine òga agus daoine a bhios ag obair gu saor-thoileach ann an Ionad-tadhail Pointers. Bidh seo a’ gabhail a-steach leasachadh dhàimhean, sònrachadh fheumalchadan, agus lorg fhuasglaidhean airson na feumalachdan sin. Bidh thu a’ cuideachadh le planadh, lìbhrigeadh, agus measadh sheiseanan obair òigridh structaraichte agus duaisean òigridh.
Bidh eòlas math agad air obair le daoine òga, comas seiseanan buidhne a chur air dòigh agus a stiùireadh, agus eòlas air slàinte is sàbhailteachd agus riaghailtean dìon chloinne. Tha e riatanach gu bheil comas agad obrachadh feasgar agus aig deireadh-seachdain.
Feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a bhith agad airson obair riaghailteach le clann san dreuchd seo.
Tha tuarastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach a shoirbhicheas fhaighinn air a’ chiad ìre den rang le cuibhreann ga chur ris gach bliadhna.
Tha e riatanach gun leugh thu an cunntas obrach agus an sònrachadh pearsanta, agus gun toir thu iomradh air mar a tha thu a’ coinneachadh gach slat-tomhais air a bheilear a’ toirt iomraidh anns an t-sònrachadh pearsanta nad aithisg eòlais.
Thèid agallaibhean a chumail air beulaibh dhaoine, a’ toirt cothrom do thagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air an àrainneachd obrach.
#J-18808-Ljbffr