Advert Tidsear Taic-ionnsachaidh, Tro Mheadhan na Gàidhlig, Leòdhas & Na Hearadh (8422) 14 uairean san t-seachdain, Ùine-shuidhichte gu 31 Màirt 2026 £17,266 - £21,379 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach £1,144 gach bliadhna bhon Chuibhreann Eileanan Iomallach Bidh dleastanas aig an neach seo a bhith a’ cur Poileasaidh In-ghabhaltas na Comhairle an gnìomh le bhith ag obrachadh còmhla ri sgoiltean is buidhnean iomchaidh eile gus taic a chumail ri sgoilearan aig a bheil feumalachdan taice a bharrachd (ASN). Bidh am Manaidsear ASN os cionn do stiùireadh a thaobh cò na sgoiltean air feadh Leòdhais is na Hearadh anns am bi thu agus dè na tha a dhìth annta. Bidh agad ri obrachadh cuide ri agus an co-bhonn ri sgoiltean gus taic a chumail ri sgoilearan air a bheil feumalachdan taice a bharrachd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil pròiseas taic ceumnach na Comhairle air a leantainn. Bidh agad cuideachd ri molaidhean a thoirt seachad air na stuthan is goireasan a thèid a chleachdadh ach am faigh sgoilearan curraicealam eadar-dhealaichte no leudaichte mar as iomchaidh. Thèid iarraidh ort measadh cunbhalach a dhèanamh air feumalachdan nan sgoilearan a thaobh foghlaim, modh, fhaireachdainnean, agus gu sòisealta, agus bi agad ri dòighean a bhith a’ freagairt air na feumalachdan sin a dhealbh ’s a chur an gnìomh. Bu chòir gu bheil ceum/dioplòma iomchaidh aig an neach a shoirbheachas ann an teagasg a bharrachd air a bhith air an clàradh le GTC Scotland. Bu chòir cuideachd gu bheil eòlas aca air a bhith a’ teagasg sgoilearan le farsaingeachd de dh’fheumalachdan taice a bharrachd. Tha fileantachd sa Ghàidhlig riatanach dhan dreuchd seo. Feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) mar riatanas laghail a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le Clann san dreuchd seo. ( otecting Vulnerable Groups (PVG) scheme - mygov.scot t) Tha e riatanach gun leugh thu an cunntas-obrach agus an sònrachadh pearsanta ’s gun toir thu iomradh air mar a tha thu a’ coileanadh gach slat-tomhais air a bheilear a’ toirt iomradh anns an t-sònrachadh phearsanta nad aithisg eòlais. Thèid agallamhan a chumail aghaidh ri aghaidh, gus cothrom a thoirt do thagraichean an sgioba a choinneachadh is an àrainneachd-obrach againn fhaicinn dhaibh fhèin. Ceann-latha deireannach: Diluain 6 Dàmhair 2025 Learning Support Teacher, Gaelic Medium, Lewis & Harris (8422) 14 hours per week, Fixed Term to 31 March 2026 £17,266 - £21,379 per annum, inclusive of £1,144 Distant Islands Allowance per annum Required to implement the Council’s Inclusion Policy by working with schools and other agencies to support pupils with additional support needs. The ASN Manager will direct the location of schools across Lewis & Harris and input required. You will be required to work collaboratively and in partnership with schools to support pupils with additional support needs, ensure the Council’s staged intervention process is implemented, advise on appropriate materials to allow pupils access to a differentiated curriculum and/or elaborated curriculum and regularly assess pupil’s educational, social, emotional and behavioural needs and devise and implement methods of effectively meeting those needs. The successful candidate must have an appropriate degree / diploma in Teaching and GTC Scotland Registration and have teaching experience of pupils with a broad range of additional support needs. Fluency in Gaelic is essential for this post. This post is subject to membership of the Protecting Vulnerable Groups (PVG) Scheme as a legal requirement of a regulated role with Children ( Protecting Vulnerable Groups (PVG) scheme - mygov.scot ). It is vital you read the job description and person specification, in your experience statement please detail how you meet each of the essential criteria we ask for in the person specification. Interviews will be conducted in person, providing candidates with the chance to personally meet the team and experience our work environment. Closing Date: Monday 6 October 2025