Advert
Prìomh Neach-obrach Sgoil-àraich, le Teisteanas, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Sgoil Àraich an Tairbeirt
33.5 uairean gach seachdain, tro theirm na sgoile, Maireannach
£24, - £26, gach blaidhna, a’ gabhail a-steach £2, de Chuibhreann Eileanan iomallach gach bliadhna
Le taic, bidh thu a’ cur curraicealam air dòigh tro mheadhan na Gàidhlig a bhios a’ cur taic ri, agus a’ stiùireadh, ionnsachadh agus leasachadh iomlan chloinne, agus a’ planadh agus a’ cur seisean cluiche air dòigh, le bhith a’ gabhail suim de dh’fheumalachdan gach pàiste.
Feumaidh eòlas dearbhte a bhith agad air cùram-chloinne a thaobh a bhith ag obair le pàistean òga agus an teaghlaichean ann an suidheachadh tràth-bhliadhnaichean, agus teisteanas a choinnicheas ri feumalachdan Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba airson Luchd-cleachdaidh.
Tha e riatanach gun urrainn dhut Gàidhlig a bhruidhinn is a leughadh.
Thathar an dùil gun tèid taic a chur ris an tagraiche a shoirbhicheas gus am faighear na teisteanasan agus eòlas a dh’fheumar gus an urrainnear gluasad air adhart gu dreuchd Stiùiriche-cluiche (£30, - £32, gach bliadhna, pro rata, a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach).
Mar riatanas laghail, feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le Clann san dreuchd seo ().
The salary quoted is inclusive of Distant Islands Allowance. Appointment to the post will be on the first point of the grade.
It is vital you read the job description and person specification, in your experience statement please detail how you meet each of the essential criteria we ask for in the person specification.
Interviews will be conducted in person, providing candidates with the chance to personally meet the team and experience our work environment.
Closing Date: Monday 1 September