Job Description
Advert
Neach-cuideachaidh Taic do Ionnsachadh, Gàidhlig, Sgoil a' Bhac
22 uairean gach seachdain, rè teirm na sgoile, ùine-shuidhichte gu 26/06/2026
£14,922 - £15,491 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach £1,500 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna
\n
Bidh aig an neach a gheibh an dreuchd ri taic a chur ri clann is daoine òga le feumalachdan taice a bharrachd (FTB). Bidh na dleastanasan a bhiodh aig an neach seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt cuideachaidh do luchd-teagaisg gus feumalachdan foghlaim, cùraim phearsanta agus sochaire a choileanadh; a’ cumail smachd air clann san raon-cluiche/aig àm lòin; a’ toirt taic do dh’ion-ghabhaltas na cloinne gu lèir; a’ toirt taic ri slàinte is sunnd na cloinne agus a’ leantainn stiùireadh Getting It Right for Every Child (GIRFEC).
\n
Feumaidh: eòlas a bhith agad air a bhith ag obair le clann, mar phàrant no mar phàirt de dhreuchd shaor-thoileach no phroifeasanta; tuigse a bhith agad air feumalachdan bunaiteach cloinne; comas a bhith agad ann a bhith a’ co-obrachadh gu h-èifeachdach le daoine eile mar phàirt de sgioba; nàdar foighidneach, sunndach, a bhith agad, le dòigh-obrach shùbailte, fhosgailte agus choibhneil.
\n
Mar riatanas laghail, feu...